Western Isles SNP

Together we can make Scotland better

Latest Events

Mon Sep 17 @ 7:30PM - 09:00PM
Branch Meeting (L&H)
Mon Oct 15 @ 7:30PM - 09:00PM
Branch Meeting (L&H)

BPA AG IARRAIDH AIR AN MoD INBHE IONAD GLÈIDHTE MARA A THOIRT AIR LÀRACH HMY IOLAIRE

Tha BPA SNP airson nan Eilean Siar Alasdair Allan ag iarraidh air Ministreachd an Dìon (MoD) inbhe ionad-glèidhte mara eachdraidheil a thoirt air làrach an HMY Iolaire fo ‘The Protection of Military Remains Act 1986.’

Chaidh an HMY Iolaire fodha air madainn na Bliadhn’ Ùire 1919 an dèidh dhì a dhol air na creagan dà mhìle bho Chala Steòrnabhaigh far an robh teaghlaichean a’ feitheamh gus fàilte a chuir air na ceudan a bha a’ tilleadh dhachaigh bhon Chogadh Mhòr.

Thug an tubaist uabhasach bàs do chòrr is dà cheud is aon neach agus fhuair 82 gu tìr le am beatha. Cha d’fhuair iad lorg a-riamh air timcheall air trian de na chaidh an call an oidhche ‘ud air Biastan Thuilm.

Tha latha na Bliadhn’ Ùire 2019 a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon tubaist mhòr agus tha grunn thachartasan chuimhneachaidh a’ dol air adhart sna h-Eileanan mar chuimhneachan air laoich na h-Iolaire.

Thuirt Alasdair Allan, BPA airson na h-Eileanan an Iar:

“Thug call na h-Iolaire buaidh mhòr air coimhearsnachdan Leòdhais is na h-Hearadh.

“Cha mhòr gun robh teaghlach as an eilein nach do chaill duine san tubaist, agus tha na thachair an-diugh fhathast a’ toirt buaidh air muinntir an àite. Mar as fhaisg a thig sinn air cuimhneachan nan ceud bliadhna, nam bheachdsa, tha e cudthromach gu bheil an làraich air a chomharrachadh mar uaigh-chogaidh mara gus a dhìon agus gus am bi cuimhne againn air seòladairean air bòrd na h-Iolaire a thug an cuid seirbheis seachad dhan dùthaich tro bhliadhnaichean a’ Chogaidh Mhòir agus a chaill am beatha cho faisg air an dachaigh.

“Tha mi an dòchas gun aontaich an MoD ris an iarrtas seo.”

Who's Online Now

We have 21 guests and no members online

 

Copyright 2014 Western Isles SNP